Tha 8,459 duilleagan san uicipeid seo. Tha a h-uile tè dhiubh saor ri
cleachdadh. Cha bhi sinn a' cleachdadh ach a' Ghàidhlig anns na
h-aistidhean air a' phrìomh-dhuilleig ach na gabhaibh dragh mur eil
sibh cho fileanta no litearra 's a b' fheàrr leibh - Dèanaibh oidhirp
agus bidh cuideachadh ann dhuibh!
Thoiribh sùil air na duilleagan fiosrachadh airson cuideachadh
fhaighinn agus Talla a' Bhaile airson ceist sam bith fhaighneachd no
airson còmhradh mun Uicipeid. Faodaidh sibh sùil a thoirt air an
liosta de dh'Aistidhean air a bheil feum mur eil sibh cinnteach càite
an tòisich sibh.
'S e baile eachdraidheil ann an iar dheas Coloimbia a th' ann am
Popayán. Bha e fa-leth cudromach anns na làithean a dh'fhalbh na a tha
e an latha an-diugh. Chuir iomadh cheannsaiche seachd ùine mhòr neo
bheag ann am Popayán, Jorge Robledo nam measg. 'S e 19 an teodhachd
mheadhannach aige. 'S e prìomh-bhaile na roinne Cauca a th'ann
Popayán. Tha e suidhichte aig astar dhe 557km bho Bhogotá.. Bha
àireamh-sluaigh dhe 257,512 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a'
chunntais-sluiagh mu dheireadh. Chaidh am baile a steidheachadh ann an
1537.
A-rèir beul-aithris a’ bhaile, thàinig an t-ainm bho cheann-fheadhna
Tùsanch air an robh Payán, a bha os cionn daoine an àite nuair a
thàinig na Spàinntich. Bha na Tùsanaich nan tàmh mu thimcheall a’
beinn ris an canar Cerro de la Eme neo Cerro de las Tres Cruces an
latha an-diugh.
Chaidh an duilleag seo a mhùthadh 9 dhen t-Sultain 2011, aig 15:51
turas mu dheireadh.
Air an darna thaobh, dh’innis an t-eachdraiche Arcesio Aragón dhuinn
gur e Pampayán a bha air an àite bho tus, bho dhà fhacal ann an
Quechua: pampa, air a bheil gleann, neo làrach neo fiu’s bealach anns
a’ Ghàidhlig, agus am facal yan, a tha a’ ciallachadh abhainn. Bealach
na h-Aibhne, leis gum b’urrainn dha na daoine a dhol thar na h-Aibhne
Cauca dìreach an seo.
Air an taobh eile, thuirt seann sheanchaidh air choieigin gur ann à
cànan Aimearaganach mar An Guambía a tha an t-ainm Popayán, is le sin
tha trì facalan ann: po: (dà), pa: (tugh) agus yan (taigh): Dà thaigh
tiughaidh. ...tuilleadh leughaidh
